Swiftkey

SwiftKey

Tha Gàidhlig ri fhaighinn air SwiftKey a-nis cuideachd an dà chuid air Android agus iOS. Tha e gu math furasta ge-tà. Tadhail air Google Play air neo an App Store is stàlaich SwiftKey: Turas a stàlaich thu e, thoir gnogag air Open: Air an ath-sgrìn, tagh Enable Swiftkey: OK air an ath-sgrìn. Na gabh dragh, […]

Continue Reading 0
Ceann fo eite

An Dearbhair Beag

Tha an Dearbhair Beag ’na dhearbhair-litreachaidh a tha stèidhichte air stòr-dàta nam faclan a tha san Fhaclair Bheag agus is esan an dearbhair as motha a tha ri fhaighinn aig an àm seo. Tha an tionndadh làithreach dheth, 3.1, a’ ceartachadh barrachd air 1.5 millean facal Gàidhlig dhut. Airson ’s gum bi seo cho goireasach […]

Continue Reading 0
amfaclairbeag

Am Faclair Beag

’S e am Faclair Beag aon dhe na faclairean Gàidhlig/Beurla air a bheil fèill mhòr sna làithean-sa (cho mòr ’s gun do dh’iarr sgioba LearnGaelic ceadachas air a shon). Tha e ag amas air gach facal is abairt Ghàidhlig fon ghrèin a thoirt còmhla san aon àite agus ri linn sin, gheibh thu an dà […]

Continue Reading 0
firefox-beag

Firefox

’S e brabhsair-lìn a tha ann am Firefox leis an urrainn dhut falbh air feadh an lìn agus leis gur e pròiseact Open Source a tha ann, tha e saor an-asgaidh. Tha e ’ga leasachadh le coimhearsnachd eadar-nàiseanta fo stiùireadh Fonndas Mozilla agus ann an dùthchannan mar a’ Ghearmailt, ’s e am brabhsair as cumanta […]

Continue Reading 0
LO04

LibreOffice

’S e sreath de phrògraman oifis a tha seo, gu math coltach ri Microsoft Office ach tha am fear seo saor an-asgaidh agus ann an Gàidhlig. Bheir e dhut na prògraman a leanas: Writer (airson sgrìobhainnean teacsa, gu math coltach ri Microsoft Word) Calc (airson cliath-dhuilleagan, gu math coltach ri Microsoft Excel) Impress (airson taisbeanaidhean, […]

Continue Reading 0
SuperTuxKart-glacadh-1

SuperTuxKart

’S e geama rèisidh 3D a tha ann an SuperTuxKart is tha e gu tur an-asgaidh. Tha iomadh shlighe, caractar is gleus ’na bhroinn as urrainn dhut fheuchainn. Chan eil e doirbh a chur gu Gàidhlig. Feumaidh tu a stàladh an toiseach (ann am Beurla). Briog air Options » User Interface (an taba liath) » […]

Continue Reading 0
Outlookcom03

Outlook.com (Hotmail)

Chaidh Hotmail ath-dhealbhadh agus thug iad Outlook.com air. Ma tha cunntas Hotmail agad, feumaidh tu àrdachadh gu Outlook.com mus fhaigh thu Gàidhlig ann. Ma rinn thu sin mu thràth, tha e furasta gu leòr, clàraich a-steach, briog air rothar nan roghainnean gu h-àrd air an taobh deas agus an uairsin More email settings Language an […]

Continue Reading 0
Wordlink

Wordlink

Chan eil Wordlink ’na fhaclair e fhèin ach tha e air leth feumail a dh’aindeoin sin. ’S e na nì an sgrìn agad a’ sgaradh ’s tu a’ coimhead air rudeigin sgrìobhte ann an Gàidhlig. Bidh an teacsa ud air an taobh chlì agus leòsan eile air an taobh deas anns am bi faclair. Ach […]

Continue Reading 0
DDG02

DuckDuckGo

’S e einnsean-luirg ùr a tha ann an DuckDuckGo a chaidh a chur air bhog ann an 2008. Tha poileasaidh prìobhaideachd làidir aca agus cha dèan iad profiling no tracadh ort. Ma tha thu a’ cleachdadh brabhsair Gàidhlig, nochdaidh DuckDuckGo ann an Gàidhlig leis fhèin. Mur eil, briog air More san oisean deas gu h-ìosal: […]

Continue Reading 0
Tetris

Tetris

Tetris … a bheil feum air mìneachadh sam bith eile? Chan e aplacaid airson fònaichean-làimhe a tha seo ach geama a chluicheas tu sa bhrabhsair agad. Chan eil gleus cabadaich ann ach tha clàr nan àrd-sgòr ann – siuthad, dè an sgòr as fhearr a ruigeas tusa?

Continue Reading 0
pingus-sgeulachd

Pingus

’S e geama coimpiutair a tha ann am Pingus sa bheilear a’ fuasgladh thòimhseachain is tu a’ stiùireadh cinn-fhionn dhan doras a-mach is iomadh cnap-starra san rathad orra. ’S urrainn dhut diofar comasan a thoirt dhaibh, can leum no togail dhrochaidean, ach am faigh iad thairis orra gu sàbhailte. Car coltach ri Lemmings, ma tha […]

Continue Reading 0
OpenTDD03

OpenTTD

’S e geama saoghail bhiortail stèidhichte air Transport Tycoon Deluxe a tha ann an OpenTTD. Togaidh tu lìonra de sheirbheisean bhusaichean, thrèanaichean, longan is phlèanaichean. Faodaidh tu cluiche ’nad aonar no an aghaigh dhaoine eile air lìonra no air loidhne. Feumaidh tu a stàladh an toiseach (gheibh thu am faidhle an-seo) agus an uairsin, gheibh […]

Continue Reading 0
Freeciv

Freeciv

’S e geama coimpiutair a tha ann am Freeciv, a’ chiad gheama “mór” a bha a-riamh ri fhaighinn sa Ghàidhlig (ann an 2011). ’S e geama ro-innleachdach a tha ann; tha thu ’nad cheannard os cionn treubha ann an linn na cloiche agus feumaidh tu fàs a thoirt air an treubh seo. Tha an geama […]

Continue Reading 0
Widelands

Widelands

’S e geama ro-innleachd togail fìor-ama saor is Open Source a tha ann an Widelands, le iomairtean aon-chluicheadair agus modh ioma-chluicheadair. Tha e car coltach ri Settlers ach tha e mòran nas toinnte ’s domhainn. Tha thu ’nad cheannard cinnidh bhig. ’S e  do togail tuineachaidh do dhleastanas. Nì do mhuinntir obair gus barrachd stòrasan […]

Continue Reading 0
shotcut-logo-640

Shotcut

Tha Shotcut ’na dheasaiche videothan agus… uel, sin e. ’S urrainn dhut videothan a dheasachadh leis agus tha Gàidhlig ’na lùib cuideachd. Gheibh thu am prògram an-seo. Ma tha siostam-obrachaidh Gàidhlig agad, nochdaidh e sa Ghàidhlig leis fhèin. Mur eil, tadhail air Settings: Agus tagh Gaelic: Feumaidh tu ath-thòiseachadh ach sin agad e!

Continue Reading 0
minecraft_realms_logo

Minecraft Realms

Seo dreach dhen gheama mhòr-chòrdte Minecraft air a bheil Minecraft Realms. Bidh thua’ rùrachadh mapa a tha ’na blocaichean aig a bheil meud meatair chiùbaich. A bharrachd air na blocaichean, bheir an àrainneachd lusan, nàimhdean is nithean dhut. Cruinnichidh tu stòrasan sa gheama gus a thochladh, a’ sabaid an aghaidh nàimhdean, blocaichean is acainnean ùra […]

Continue Reading 0
stellarium01

Stellarium

  Tha Stellarium ’na mhapa eadar-ghnìomhach nan speuran agus is urrainn dhut “coimhead” air na speuran leis mar a choimheadadh tu le glainne-amhairc. Car mar GoogleEarth dha na speuran. Chì thu iomadh rud ann: Corr is 210 millean reul Buidhnean reultan is sgead-dhealbhan nan reul-bhadan airson corr is 20 cultar eadar-dhealaichte Slighe Chlann Uisnich fhìor-riochdail […]

Continue Reading 0
clo02

Meur-chlàr dhan chlò Ghàidhealach

Tha fhios nach eil mòran ’ga chur gu feum ach fhuair sinn iarrtas agus leis gur sinne bodaich-theicneolais na Nollaig… ’S e meur-chlàr a tha ann a bheir dhut comas air na litrichean sònraichte sa chlò Ghàidhealach ann am Windows, gun a bhith bualadh air Special Character » Insert fad na h-ùine. Bidh feum air […]

Continue Reading 0
Ceitidh

Teacsa ’na chainnt – Guth Cheitidh

Tha gleus ri làimh a-nis a leughas teacsaichean digiteach os àrd – ann an Gàidhlig. ’S e gleus teacsa ’na chainnt a chanar ris (Text To Speech no TTS gu goirid). Tha seo gu sònraichte feumail do dhaoine a tha dall (slighe leughadairean-sgrìn mar eisimpleir) no ach cuideachd do mhòran eile, can luchd-ionnsachaidh no ma […]

Continue Reading 0
United Kingdom Extended Keyboard

Siostaman Windows 8/10

Tha iomadh dòigh ann gus sin a dhèanamh ach chan eil ach aonan ann a tha ciallach, sùbailte, luath. 1. Am meur-chlàr English United Kingdom Extended/US International Chan eil sin ri ràdh gu bheil feum agad air fear ùr a cheannach. Feumaidh gach coimpiutair bathar-bog beag a dh’innseas dha mar a dhèiligeas e ris a’ […]

Continue Reading 0
scratch-logo

Scratch

Le Scratch, ’s urrainn dhut na sgeulachdan, geamannan agus beòthachaidhean eadar-ghnìomhach a phrògramachadh agus is urrainn dhut na chruthaich thu a cho-roinneadh le càch sa choimhearsnachd air loidhne. Bheir Scratch air an fheadhainn òga smaoineachadh ann an dòigh chruthachail is rianail agus ionnsaichidh e dhaibh mar a dh’obraicheas iad còmhla. Seo sgilean fìor-chudromach ’nar beatha […]

Continue Reading 0
MSProofing12

Microsoft Office (2013)

Chan e susbaint ùr a tha seo ach Dearbhair LTS ann an deise ùr mar gum biodh. Obraichidh e ann an Microsoft Office 2013 agus ceartaichidh e mu 200,000 facal dhut (tha dòigh ann a leudachadh cuideachd, faic gu h-ìosal). Nise, tadhail air làrach Microsoft an toiseach is dèan cinnteach gu tagh thu Scottish Gaelic: […]

Continue Reading 0

Powered by WordPress. Designed by WooThemes